Colmcille

Gaeilge - Gàidhlig


Glór na nGael ag ainmeachadh slatan-tomhais airson Duais Cholmcille

Tha Glór na nGael air na slatan-tomhais ainmeachadh airson Duais Cholmcille, an duais a tha an fharpais a’ tairgsinn dhaibhsan a tha an sàs ann an cruthachadh cheanglaichean eadar luchd-labhairt na Gaeilge ann an Èirinn agus luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba.

Tha Colmcille a’ toirt urrasachd don duais ùir. Chaidh a chur air bhonn ann an 1997 gus ceanglaichean cultarach is cànanach adhartachadh eadar an dà choimhearsnachd cànain.

‘S e amas Duais Cholmcille aithne a thoirt do dh’obair saor-thoileach a tha ag adhartachadh cheanglaichean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig agus na coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Èirinn agus Alba.
Tha an dà chuid, Colmcille agus Glór na nGael, an dòchas gum brosnaich e tuilleadh chothroman ionnsachaidh air gach taobh de Shruth na Maoile.

Bidh aig luchd-compàirt san fharpais ris na riatanasan a leanas a riarachadh:

• Feumaidh gach tagradh a bhith stèidhichte air a’ cheangal eadar na coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Alba is Èirinn;
• Feumaidh tagraidhean a bhith a’ brosnachadh ceangal eadar luchd-labhairt na Gaeilge agus luchd-labhairt na Gàidhlig;
• Bu chòir do na ceanglaichean a bhith gu buannachd na dà choimhearsnachd;
• Feumaidh comataidhean bhon dà choimhearsnachd conaltradh èifeachdach eadar càch a chèile a chur air bhonn;
• Feumaidh eileamaid de dh’ionnsachadh Gaeilge ann an Alba no Gàidhlig ann an Èirinn a bhith anns a’ phrògram thagraidhean;
• Cuirear fàilte air tagraidhean bho chomataidhean no buidhnean saor-thoileach;
• Mar phàirt de bhreithneachadh na farpais, bidh e riatanach aithisg sgrìobhte fhaotainn bho luchd-compàirt;
• Feumaidh duais sam bith a bhuannaichear a bhith air a caitheamh ann an neartachadh a’ cheangail eadar an dà choimhearsnachd cànain.

Tha leth-bhreac de na slatan-tomhais agus tuilleadh fiosrachaidh mun fharpais rim faotainn bho Glór na nGael air +353 46 943 0974 no ann am post-d airfiosru@glornangael.ie.

Gach bliadhna, bidh Glór na nGael a’ buileachadh còrr agus fiach €150,000 de dhuaisean air comataidhean saor-thoileach. Tha seo dèante tro mheadhan farpais poblach far a bheil adhartachadh Gaeilge na h-Èireann mar phrìomh chuimse. Thathar a’ toirt aithne do dh’oidhirpean gach coimhearsnachd fa leth san fharpais aig seirbheis buileachaidh dhuaisean.

Glór na nGael, Ráth Cairn, Áth Buí, Co. na Mí, eolas@glornangael.ie, Faics: 046 9487442, Fón: 046 943 0974. © Glór na nGael 2011